’S e amas Tasglann-lìn na RA a bhith a’ trusadh is a’ gleidheadh Raon-lìn na RA ann an dòigh cho coileanta ’s a ghabhas airson luchd-rannsachaidh san àm ri teachd. Nì sinn seo tro dhòigh-obrach mheasgaichte le trusadh mòr gach bliadhna de na h-àrainnean air fad agus obair tasgaidh nas roghnaiche, a tha ag amas air làraichean-lìn fa leth airson chruinneachaidhean sònraichte.
’S e obair mhòr a tha seo agus mar a bhiodh tu an dùil, tha tòrr mòr susbaint air làraichean-lìn air nach eil fios againn. Ma tha làrach-lìn agad san RA, no ma tha thu eòlach air làrach-lìn, a tha thu den bheachd a bu chòir a bhith air a cur dhan tasglann, bu toil leinn cluinntinn bhuat tron fhoirm gu h-ìosal.